Read in English / Leugh ann am Beurla Cha b’ urrainn na b’ fheàrr air Là nam Maor-dùthcha ach a dhol air cuairt-dànachd còmhla ri Maor-dùthcha Thiriodh, Hayley Douglas… “Lorg mi crùbag!” dh’èigh mi a-null air an tràigh dhan bhuidhinn agam de dhàna-thurasaichean. Tha mi a-muigh air dànachd bheag ann am Bhalla ann an Tiriodh. Tha sinn a’ rùrachd […]
Read in English / Leugh ann am Beurla
Cha b’ urrainn na b’ fheàrr air Là nam Maor-dùthcha ach a dhol air cuairt-dànachd còmhla ri Maor-dùthcha Thiriodh, Hayley Douglas…
Maor-dùthcha Hayley ann an Tiriodh. © Hayley Douglas. “Lorg mi crùbag!” dh’èigh mi a-null air an tràigh dhan bhuidhinn agam de dhàna-thurasaichean.
Tha mi a-muigh air dànachd bheag ann am Bhalla ann an Tiriodh. Tha sinn a’ rùrachd sna sluganan carraig ’s air an tràigh agus a’ gabhail teòclaid teth ’s marshmallowan. Dè eile a dh’iarradh tu?
Tha sinn uile air coinneachadh, air bleadraigeadh, agus thog sinn oirnn dha na sluganan carraig far an cuir sinn lìontan a-steach dhan uisge gu faiceallach. Tha mise a’ grunnachadh nas fhaide a-mach nam bhòtannan, a’ cur mo làimh fo chladach agus seall, tha beagan iongnaidh ann nuair a thogas mi crùbag gu faiceallach airson a cur ann am bucaid.
A’ coimhead air na lorg sinn. ©Hayley DouglasTha sinn a’ coimhead air an diofar ann am meud a h-ìnean agus ag ionnsachadh gun fheàrr le cuid an ìne dheis ’s cuid eile an ìne chlì. Gu h-obann chan eil duine diùid tuilleadh agus tha a’ chlann ’s na h-inbhich le chèile a’ togail feamainn agus a’ coimhead a-steach a lìontan mus cuir iad na lorg iad a-steach dha na bucaidean mòra le cùram.
Partanan, sligean le partanan-tuathail am falach nam broinn, mùsganan-caola agus seall, bhon phìos bheag ud de mhinearach (a tha a’ dol ann an Tyree Gin, a dh’innseas mi dha na pàrantan) tha iasg ann! Ach chan e iasg àbhaisteach a th’ ann ach sgairp mara. Tha a h-uile duine a’ gabhail iongnadh ’s i agam gu faiceallach nam làimh fhad ’s sheallas mi dhaibh mar a nochdas a spèicean.
Sgairp mara fad-bhiorach – abair iasg ri lorg! © Hayley DouglasAon uair ’s a tha na creutairean mara uile air an tilleadh gu sàbhailte dhan uisge agus às dèidh dha na crùbagan a dhol am falach a-rithist sa ghainmhich, dh’iarr mi air a’ bhuidhinn faoiteagan a lorg fhad ’s dheisealaicheas mi a’ choire airson teòclaidean teth ’s marshmallowan ròsta a dhèanamh.
Tha a’ chlann ’s na h-inbhich a’ coiseachd air ais ’s air adhart a’ sealltainn dhomh na lorg iad agus a’ faighneachd “Dè th’ anns an t-slige bhuidhe seo?”, “An e glainne na mara a tha seo?” agus “Seall, lorg mi ìne crùbaige!”. Agus ann am beagan mhionaidean tha a’ choire air a goil agus, gu h-iongantach, chan eil cabhag air duine aca tighinn a-null a ghabhail na mìlseanan aca.
Gan tarraing air falbh bho na lorg iad a ghabhail teòclaid teth ’s marshmallowan!
Chan eil cùisean a’ tighinn gu ceann aig a sin ge-tà. Aon uair ’s a tha a h-uile duine deiseil a sgioblachadh, tha còmhradh beag againn mu shàbhailteachd teine air an tràigh. Gluaisidh mi a’ choire agus dòirtidh mi bucaid de dh’uisge air a’ ghainmhich. Fruis! Tha an t-uisge a’ bualadh na gainmhich agus tha ceò ag èirigh aiste. ’S e an t-ionnsachadh gu bheil a’ ghainmheach a’ glèidheadh teas fad ùine mhòr, agus tha e riatanach gun tèid a fuarachadh agus nach eil lorg dheth ga fhàgail.
Mar mhaor-dùthcha ‘s iad na h-amasan agam glèidhteachas, foghlam agus cur-seachadan agus tha iad sin aig teis-meadhan a h-uile rud a nì mi. Tha mi an dòchas gu bheil an seisean seo leis na h-amasan ud air deagh bhuaidh a thoirt air an fheadhainn a thàinig ann agus gu bheil iad a’ falbh le barrachd ùidh, dìorrais ’s spèis dhan nàdar.
Agus an uair sin tha an t-àm ann a’ ghainmheach a shuathadh far ar casan, ar brògan a chur oirnn a-rithist agus togail oirnn dhachaigh le sgeulachdan rin innse. Dhomhsa dheth, tha mi a’ meòrachadh air seisean soirbheachail eile an cuideachd muinntir an eilein agam fhìn ’s gan toirt nas fhaisge air mìorbhailean an nàdair an seo sna h-Eileanan A-staigh.
Tha Haley Douglas na Maor-dùthcha ann an Tiriodh.
| # | Наименование новости | Тональность | Информативность | Дата публикации |
|---|---|---|---|---|
| 1 | Tides, trails and Tiree tales | 0 | 8.64 | 31-07-2026 |
| 2 | A bheil sibh eòlach air na ‘Rothaich’? | 0 | 7.16 | 23-02-2026 |
| 3 | Na h-Eileanan ‘Innseach’ seachad air Loch Laomainn | 0 | 12.8 | 31-03-2026 |
| 4 | A’ Bhàirneach Ghreimeachaidh | 0 | 8.71 | 25-06-2024 |
| 5 | Cycling Scotland’s lost highways and byways: a two-wheel odyssey in the wilds of Sutherland | 5 | 7 | 02-07-2026 |
| 6 | The Gripping Bàirneach of the Rocky Shore | 0 | 6.23 | 25-06-2024 |
| 7 | The Tay Landscape Partnership | 0 | 11.88 | 11-08-2014 |
| 8 | Oisean: riochd-cluich ann an linn nan òran | 0 | 13.32 | 06-08-2026 |
| 9 | Буря Услышав объявление о посадке, Ло потер висок, тяжело поднялся ... | 0 | 5 | 06-07-2026 |
| 10 | Heather McMahan hits back at 'Salem-Witch-esque' Ryder Cup backlash after quitting over Rory McIlroy chants | 0 | 7.73 | 30-09-2025 |