Вход на сайт

Просмотр новости

Найдите то, что Вас интересует

A bheil sibh eòlach air na ‘Rothaich’?

Дата публикации: 23-02-2026 13:32:35

Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air ainmean bheann a th’ air an liosta ainmeil dhen fheadhainn as àirde.

Основное содержимое страницы с новостью.

Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air ainmean bheann a th’ air an liosta ainmeil dhen fheadhainn as àirde.

Read in English / Leugh ann am Beurla

Math no olc e, dh’fhàg an Ridire Eachann Rothach dìleab nach beag anns an liosta aige de bheanntan Albannach a tha nas àirde na trì mìle troigh (914.4 m anns an ‘airgead ùr’). Leis mar a tha na ‘Rothaich’ gu lèir air a’ Ghàidhealtachd, cha bu chòir a bhith na iongnadh gu bheil cha mhòr a h-uile ainm aca a’ tighinn às a’ Ghàidhlig.

Mar sin, seo ceist dhuibh. Dè an t-ainm gnèitheach beinne as cumanta a lorgar am measg nan 282 beanntan Rothaich (cha bhodraig sinn leis na mullaichean a bharrachd a dh’fhaodadh a bhith air an liosta)? Agus cò an fheadhainn anns an dàrna agus treas àite? ʼS mathaid gum bi sibh airson beachdachadh air sin mus leugh sibh tuilleadh!

Nuair a leughas no a chluinneas sibh gach ainm gnèitheach – leithid beinn, sàil, maol – a bheil e a’ togail ìomhaigh nad cheann de choltas na beinne? Tha beartas air leth againn nar n-ainmean co-cheangailte ri àiteachan àrda – beanntan, monaidhean, binnein, leathaidean, leitirean is a leithid. Ge-tà, chan eil ach glè bheag a nochdas aig ceann shuas liosta nan Rothach.

ʼS e beinn as trice a nochdas, ged a tha e gu minig mar ben ann an dreach na Beurla. Tha 75 ainmean (27%) ‘beinne’ am measg nan Rothach. Tha ben, a thàinig don Bheurla agus Albais o chionn fhada mar fhacal-iasaid, a’ dearbhadh buaidh na Gàidhlig air briathrachas na h-Alba, ged nach eil e a’ nochdadh ann an clàr an litreachais gu anmoch anns an 18mh linn.

B’ e beann dreach an fhacail o shean agus chithear sin fhathast anns an tuiseal ghinideach iolra, mar eisimpleir anns an t-samhladh cho sean ri ceò nam beann no san abairt (gu tric co-cheangailte ri deoch-slàinte) tìr nam beann ʼs nan gleann ʼs nan gaisgeach. Tha am buadhair beannach a’ ciallachadh ‘coltach ri adharc beathaich’, agus tha sin ag innse dhuinn gun robh beann a’ seasamh airson ‘adharc’ o thùs. Tha sin air atharrachadh oir cha leig ‘beinn’ a leas a bhith ann an cruth adhairc anns an latha an-diugh. Agus, leis gur e facal boireanta a th’ ann, a ghabhas caolachadh anns an tuiseal thabhartach shingilte (m.e. canaidh sinn ‘air a’ bheinn’), tha beann air atharrachadh gu ìre mhòr gu beinn anns an tuiseal ainmneach.

Tha Beinn Àiliginn (meadhan an deilbh) agus an Sgùrr Mòr (deas), làimh ri Loch Thoirbheartain ann an Ros an Iar, a’ giùlan dà eileamaid-ghnèitheach chudromach nan ainmean – beinn agus sgùrr– na dhà as lìonmhoire am measg beanntan an Rothaich. © R MacIlleathain

ʼS e Beinn Nibheis – a’ bheinn as àirde san rìoghachd – a th’ aig mullach an liosta, le beinn eile – Beinn MacDuibh – anns an dàrna àite. ʼS ann san deicheamh àite a tha an ath ‘bheinn’ air an liosta; ʼs e seo Beinn Labhair taobh Loch Tatha, a fhuair a h-ainm bhon allt a tha a’ teàrnadh à leathad an ear na beinne – Allt Labhair, a tha a’ ciallachadh ‘an t-allt a labhras’. Aon àite nas fhaide sìos, tha Beinn a’ Bhùird anns a’ Mhonadh Ruadh, a fhuair a h-ainm bhon àrd-chlàr air a mullach a tha còmhnard mar bhòrd.

Tha beanntan le Beinn air an sgapadh thairis air an dùthaich le beagan a bharrachd dhiubh air an taobh an iar. ʼS e an Rothach as fhaide tuath Beinn Hòb ann an Dùthaich MhicAoidh, agus ʼs e Beinn Laomainn am fear as fhaide deas. Corra uair, bidh an eileamaid beinn ann an cruth sèimhichte an dèidh buadhair. Faisg air cladach an iar na Gàidhealtachd, ʼs iongantach mura h-e sin buadh nan Lochlannach, le beinn a’ gabhail àite fjall aig na Lochlannaich. ʼS e eisimpleir dheth sin Blà Bheinn anns an Eilean Sgitheanach; tha dùil gun do thòisich sin mar Blá Fjall ‘beinn ghorm’.

Chaidh Luinne Bheinn ann an Cnòideart a mhìneachadh mar ainm Gàidhlig a tha a’ ciallachadh ‘beinn fheargach’ ach saoilidh mi gu bheil òrdugh nam faclan, agus an sgìre sa bheil i, ag innse dhuinn gur dòcha gun tàinig an t-ainm bho thùs Lochlannach. Tha Ling Fell ann an Sgìre nan Loch ann an Sasainn na ainm beinne Lochlannach a tha a’ ciallachadh ‘beinn fraochach’. Saoil a bheil Lyng Fjall ‘beinn an fhraoich’ no math dh’fhaodte ‘nan dearcagan’ air atharrachadh gu Luinne Bheinn?

Tha an dàrna eileamaid ghnèitheach as bitheanta am measg nan Rothach cumanta air taobh an iar na Gàidhealtachd, gu sònraichte anns an Eilean Sgitheanach. Tha dùil gun do dh’èirich i à cànan nan Lochlannach. ʼS e seo sgùrr – beinn chas, chreagach, agus le mullach a tha a’ furasta aithneachadh. Mar as trice bidh sgùrr gu math drùidhteach. Tha Sgùrr air 38 (13%) de na Rothaich, agus tha a’ chuid as motha de bheanntan a’ Chuilthinn anns an Eilean Sgitheanach air an ainmeachadh leis an eileamaid seo.

ʼS e Sgùrr an eileamaid ghnèitheach as cumanta ann an ainmean nam beann anns a’ Chuiltheann, mar a chithear air a’ mhapa gu h-àrd. Tha beanntan a’ Chuilthinn uile àrd, cas, creagach agus le coltas drùidhteach orra. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

An coimeas ri beinn, a chaidh a-steach don Bheurla mar ben, cha deach sgùrr a-null don chànan eile. Mar sin, far a bheil Sgùrr ann an ainm beinne, bidh an t-ainm le dreach glan na Gàidhlig air chun an latha an-diugh. ʼS iad eisimpleirean dhiubh Sgùrr nan Eag anns a’ Chuiltheann, Sgùrr na Lapaich ann an Gleann Afraig agus Sgùrr Èilde Mòr ann am Frìth a’ Mhàim Mhòir. Tha am fear mu dheireadh car annasach oir tha e suidhichte gu sear air a’ Ghleann Mhòr.

A’ fuireach gu sear air a’ Ghleann Mhòr, chì sinn gu tric an treas eileamaid ainmeachaidh beinne as cumanta am measg nan Rothach – Càrn no, le dreach na Beurla air, Cairn – a tha a’ dèanamh 12% (33) de na th’ air an liosta. Tha am facal cairn aithnichte do luchd na Beurla mar chàrn de chlachan a bh’ air an togail le daoine le deagh adhbhar (airson slighe a chomharrachadh no ann an co-cheangal ri giùlan ciste-laighe air rathad-ciste). Bha e inntinneach dhomh coinneachadh ri feadhainn le sinnsearachd Ghàidhealach ann an Gippsland ann an ceann an earra-dheas Astràilia. Togaidh iad cùirn air mullaichean nam beann agus canaidh iad ‘carn’ (seach ‘cairn’) riutha anns an nòs Ghàidhealach.

ʼS iad a’ cheathramh agus an t-siathamh beinn as àirde ann an Alba – agus iad le chèile anns a’ Mhonadh Ruadh – Càrn an t-Sabhail /Cairn Toul agus An Càrn Gorm/Cairn Gorm. Anns an naoidheamh àite air an liosta, tha an Càrn Mòr Dearg a tha ceangailte ri mullach Beinn Nibheis le faobhar ris an canar – gu h-annasach – an Càrn Mòr Dearg Arête.

Tha an tìr timcheall na beinne as àirde ann an Alba a’ sealltainn ceithir de na h-eileamaidean ainmeachaidh as cumanta a th’ ann – beinn (ben), meall, càrn agus aonach. Tha ainm car annasach air an fhaobhar a ruitheas eadar Beinn Nibheis agus an Càrn Mòr Dearg. ʼS e an Càrn Mòr Dearg Arête a th’ air, ainm a tha na chothlamadh iongantach de Ghàidhlig agus Fraingis! Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Tha Meall cudromach mar eileamaid ainmeachaidh. Tha e a’ comharrachadh beinn air nach eil binnean no mullach cas agus faodaidh meallan a bhith glè shnog airson coiseachd, ged a tha cuid de dhaoine a’ cur sìos orra a chionn ʼs nach eil iad cumadail.

Tha meall nas cumanta na beinn ann an Alba anns an fharsaingeachd ach, am measg nam beann mòra, tha beinn fada nas bitheanta. Air liosta nan Rothach, tha am meall as àirde anns an 36mh àite. ʼS e sin am Meall Garbh – ainm a th’ air co-dhiù fichead beinn eile, cuid mhath dhiubh ann an Earra-Ghàidheal no meadhan na Gàidhealtachd. Math dh’fhaodte gur e ‘meallan’ a th’ annta ach chan eil sin a’ ciallachadh gu bheil iad uile tuilleadh is furasta a dhìreadh. Chithear eisimpleir dhrùidhteach dhiubh ann an ceann an ear Ghleanna Comhann; ʼs e sin Meall a’ Bhùiridh a tha ainmichte airson bùireadh nan damh anns an Dàmhair.

ʼS e stob eileamaid chudromach eile ann an ainmeachadh nam beann, agus e ri lorg ann an 15 de na Rothaich. Ged as ann bhon Albais a thàinig e, agus e a’ ciallachadh ‘stob-feansaidh’ agus a leithid sin, tha e air a bheatha fhèin a ghabhail ann an Gàidhlig. Canaidh sinn gu bheil rudeigin ‘a’ stobadh an-àirde’ agus ʼs ann mar sin a tha e ann am briathrachas na tìre cuideachd. Tha e a’ nochdadh ann an ainmean mhullaichean a tha a’ stobadh os cionn feart-tìre eile – mullach beag os cionn àrd-chlàr anns a’ Mhonadh Ruadh no fear nas drùidhtiche buileach ann an Loch Abar agus Gleanna Comhann.

Tha e follaiseach gur e ‘stob’ rudeigin a ‘stobas suas’ bho na h-eisimpleirean am measg nan Rothach. Ann an deich de na còig-deug dhiubh, tha a’ bheinn air ainmeachadh air a’ choire a tha fodha. ʼS iad eisimpleirean Stob Coire an Laoigh anns na Coireachan Liatha ann an Loch Abar agus, air gach taobh de Loch Trèig, Stob Coire Easain agus Stob Coire Sgrìodain.

Tha sia Rothaich air an ainmeachadh le creag, a nochdas cuideachd, le dreach na Beurla oirre, mar craig. Faodaidh ‘creag’ a bhith na bearradh no na cnoc a tha rudeigin creagach, co-dhiù air aon taobh. ʼS i an tè as àirde san rìoghachd Creag Meagaidh os cionn Loch Lagain; tha a h-ainm a’ ciallachadh ‘beinn chreagach faisg air a’ bhoglaich’. ʼS e eisimpleir eile Creag Leacach ann am Monadh Aonghais.

Tha còig de na Rothaich ainmichte le mullach, agus chan eil sin na iongnadh oir nach eil mullach aig a h-uile beinn?! ʼS iad eisimpleirean Mullach Fraoch-choire ann an Gleann Afraig agus Mullach Clach a’ Bhlàir anns a’ Mhonadh Ruadh.

A thaobh nan deich Rothach as àirde, tha againn ri sùil a thoirt fhathast air dà eileamaid eile a nochdas nam measg. ʼS e an treas beinn as àirde (aig 1,296 m) Am Bràigh Riabhach, no Braeriach le dreach na ‘Beurla’ air. Tha an t-ainm gu math freagarrach airson an àrd-chlàir àlainn air bàrr na beinne (a tha cho tlachdmhor airson coiseachd ri àite sam bith ann an Alba) oir tha an aimsir an sin cho cruaidh ʼs nach tèid aig lusan air an talamh air fad a chòmhdachadh, a’ fàgail coltas riabhach no breac air.

Tha coltas riabhach air àrd-chlàr a’ Bhràigh Riabhaich anns a’ Mhonadh Ruadh oir tha an aimsir aig an àirde sin air leth fuar agus gaothach. Chan eil am ‘bh’ ann an ‘riabhach’ air fhuaimneachadh ann an Gàidhlig na sgìre, a’ fàgail Braeriach mar ainm ‘Beurla’ air an treas beinn as àirde san rìoghachd. © R MacIlleathain

ʼS e bràigh an earrann as àirde de rudeigin, agus ann am bodhaig duine, tha e a’ ciallachadh ceann shuas a’ bhroillich. Anns na beanntan, tha e a’ seasamh airson àrd-chlàr leathann. ʼS e Seana Bhràigh ann an Siorrachd Rois eisimpleir – agus àite far am faca am blogair seo an t-amadan-mòintich a’ neadachadh.

Mu dheireadh, tha eileamaid a tha fìor chudromach ann am briathrachas nam beann, ged nach eil muinntir na Beurla cho eòlach oirre ʼs a bu chòir. ʼS e seo aonach – agus tha leth-dhusan de bheanntan an Rothaich ga giùlan. Tha aonach a’ ciallachadh ‘monadh mòr no beinn, air a bheil druim no faobhar, le cliathaichean casa air gach taobh dheth’.

Tha aonach a’ nochdadh ann am bàrdachd thraidiseanta. Mar eisimpleir, ann an dàn-molaidh aig a’ bhana-bhàrd Sìleas na Ceapaich mun cheann-chinnidh Alasdair Dubh MacDhòmhnaill à Gleanna Garadh anns an 18mh linn, sgrìobh i: Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach, Bu tu ʼchreag nach fhaoidte theàrnadh;. Chleachd i ‘aonach’ airson ìomhaigh a thoirt don leughadair de bheinn àrd a bha os cionn gach beinn eile – mar a sheas Alasdair Dubh os cionn a cho-aoisean, co-dhiù ann an nòs meataforach.

Math dh’fhaodte gur iad na h-aonaichean as aithnichte ann an Alba – agus na dhà as àirde de chòig a th’ air liosta an Rothaich – an t-Aonach Beag agus an t-Aonach Mòr, sear air Beinn Nibheis, leis an dàrna fear air a leasachadh airson sgitheadh. Gu h-inntinneach, tha an t-Aonach Beag rud beag nas àirde na ʼn fhear eile ach uaireannan bidh àirde a’ mealladh an neach-coimhid. Agus math dh’fhaodte gur e an t-Aonach Eagach ann an Gleann Comhann an t-aonach as aithnichte do luchd-sreap nam beann – ged a chluinnear droch fhuaimneachadh dhen ainm.

Tha ainm an Aonaich Mhòir faisg air a’ Ghearasdan (meadhan an deilbh) gu math freagarrach. Tha druim àrd air, le cliathaichean casa, agus tè dhiubh air a leasachadh mar ionad-sgithidh. © R MacIlleathain

Mus fhàg sinn na beanntan, bu mhath leam fios a thoirt dhuibh air rudeigin a nochdas ann am fear de na faclairean Gàidhlig as sine – a chaidh a dhèanamh le Raibeart Armstrong à Siorrachd Pheairt còrr is dà cheud bliadhna air ais ann an 1825. Fon cheann-fhacal Bheurla ‘Mountaineer’, tha e a’ toirt dhuinn Sliabhair, stèidhichte air sliabh, seann fhacal airson beinn, ach cuideachd a’ ciallachadh ‘mòinteach’. Thairis air an dà cheud bliadhna a dh’fhalbh, tha Sliabhair air a dhol a-mach à cleachdadh ann an Gàidhlig na h-Alba. Ach tha seo aig an fhaclairiche cuideachd: ‘A Scotch (sic) mountaineer, Gaidheal.’ Tha ‘Gàidheal’ co-ionann ri ‘sreapadair nam beann’. Nach math sin?!

Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair is eòlaiche-nàdair, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Схожие новости

#Наименование новостиТональностьИнформативностьДата публикации
1A’ Bhàirneach Ghreimeachaidh08.7125-06-2024
2Na h-Eileanan ‘Innseach’ seachad air Loch Laomainn012.831-03-2026
3Tìdeachan, tursan agus na Tiristich015.7331-07-2026
4The Gripping Bàirneach of the Rocky Shore06.2325-06-2024
5The ‘Innis’ Islands Beyond Loch Lomond05.3831-03-2026
6How well do you know the Munros?07.7423-02-2026
7Zirkzee, Sorloth o altro?01025-08-2026
8«Узяць лахі пад пахі». А што такое лахі?07.6621-02-2026
9Epailearen eskubideak gainerakoena deuseztu?0019-02-2018
10THE MAIL'S MAN FROM MAYO, SHANE McGRATH: Our supporters finally get joyous answer to painful question we have asked ourselves for 75 years as, at last, we're allowed to escape The House Of Pain09.3626-07-2026

Классификация: . Схожих патентов: 0. Схожих новостей: 10. Тональность: 0. Информативность: 7.16. Источник: scotlandsnature.blog.